‘S e prìomh fhèis cànan, ealain is cultar na Gàidhlig a th’ anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Thathas ga chumail san Dàmhair gach bliadhna ann an àite eadar-dhealaichte de dh’Alba –an-uiridh chaidh a chumail sa Ghearastan agus ‘s e An Eaglais Bhreac a bheir aoigheachd dha Mòd 2008.
‘S i fèis fharpaiseach a th’ anns a’ Mhòd, a tha a’ comharrachadh cànan is cultar na Gàidhlig tro cheòl, dannsa, dràma, ealain is litreachas. Chaidh a cumail san Òban an toiseach ann an 1892 agus on uair sin tha i air fàs gun ìre ‘s gur i an dara fèis as motha ann an Alba. A thuilleadh air na Gàidheil a bhios a’ frithealadh gu cunbhalach, tha am Mòd cuideachd a’ tàladh luchd-turais is farpaisich bho air feadh na RA, Èirinn, Astràilia, Canada agus na SA. Ach tha barrachd air farpais co-cheangailte ris a’ Mhòd. Tha e cuideachd a’ toirt cothrom dha Gàidheil is eile a bhith a’ cruinneachadh is ag ath-nuadhachadh seann chàirdeas – no a bhith a’ dèanamh dàimhean ùra. Tha pubaichean is taighean-òsta a’ bhaile anns am bi am Mòd an-còmhnaidh làn le ceòl traidiseanta a-steach gu uairean beaga na maidne – agus cha bhi càil diofaraichte mun Eaglais Bhric ann an 2008. Tha an comataidh ionadail trang ag obair a-nis gus dèanamh cinnteach gum bi am feisteas as fheàrr ri fhaighinn. Chaidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chruthachadh mar Chompanaidh Earranta air Barantas ann an 1999 agus ‘s e Buidheann Carthannais Clàraichte ann an Alba a th’ ann (Charity No SCO2792).
Luchd-taic a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail
Tha taic bho bhuidhnean leithid Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, Banca Rìoghail na h-Alba, Am Post Rìoghail ann an Alba, BBC Alba agus Uisge Beatha Black Bottle air cuideachadh le inbhe a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a neartachadh. Tha taobh eadar-nàiseanta a’ Mhòid a’ leantainn a’ fàs le taic bho EventScotland fhad ‘s a tha prìomh bhuidhnean na Gàidhlig ann an Alba a’ cumail a’ dol len taic. Tha iad sin a’ gabhail a-steach Bòrd na Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig, Comhairle nan Leabhraichean, Pròiseact nan Ealan agus Seirbheisean nam Meadhanan Gàidhlig.
Dàilean na h-Eaglaise Brice is tùsan a’ Mhòid
Airson a’ chuid mhòr de dhà cheud bliadhna bha An Eaglais Bhreac is an sgìre mu chuairt na àite-tadhail cunbhalach dha mìltean de Ghàidheil às gach ceàrn den Ghàidhealtachd is de na h-Eileanan. Bho toiseach an 18mh linn bha dròbhairean Gàidhealach a’ toirt an cruidh thapaidh dhubh gu deas airson an reic ri ceannaichean Gallda is Sasannach air Redding Muir agus mu na 1760an bha na reic bhliadhnail sin air meudachadh thairis air dàilean mòra Chraoibh agus thàinig iad gu bhith nan tachartasan den t-seòrsa bu mhotha air an t-saoghal. Gach foghar bha na trì dàilean, an dara Dimàirt san Lùnastal, san t-Sultain is san Dàmhair, a’ tarraing 50,000 beathach cruidh is caorach nan cois air seann rathaidean dròbha thar bheanntan, aibhnichean is uillt agus tric air tursan mara eadar eileanan ann am bàtaichean fosgailte agus ceangailte ri chèile air an t-snàimh. Thàinig ceudan de dhròbhairean tapaidh lem pònaidhean is an coin, gun Eaglais Bhric bliadhna an dèidh bliadhna agus dh’fhuirich mòran dhiubh ann ag obair air an fhogharaidh airson cur rin tuarastalan.
Thàinig iad ann an sìth gus seann obair mhalairt a choileanadh ach bha amannan ann nuair bha an turas gun sgìre na ghnothach na bu dhùbhlanaiche. San Fhaoilleach 1746 chuir arm Gàidhealach a’ Phrionnsa Theàrlaich, Am Prionnsa Bòidheach, ruaig air saighdearan dearga Seanalair Hawley air mòinteach deas a’ bhaile sa bhuaidh mu dheireadh a bha gu bhith aca ann an cogaidhean fada nan Seumasach agus san ionnsaigh bhuadhach mu dheireadh a bha aig na Gàidheil. Ghabh fir à còig prìomh rèiseamaidean deug am baile is an sgìre thairis airson aon latha deug mus do ghluais iad gu Sruighlea agus gun chaismeachd mu dheireadh tuath gu Cùl Lodair. Bha muinntir na h-Eaglaise Brice a’ gabhail an eagail ach tha uirsgeul ionadail ag aithris gun lorg na Gàidheil an slighe gu taigh-grùide Sheumais Aitken a bh’ air ùr fhosgladh air Sràid Newmarket agus gun do chuir iad seachad a’ chuid mhòr den ùine a’ blasadh air leann na h-Eaglaise Brice, gun dragh sam bith a chur air muinntir a’ bhaile!
Nuair a bha an t-ar-a-mach seachad agus a thill tomhas de shìth, thòisich a’ mhalairt ag ath-nuadhachadh is thill na dàilean. Ach dh’adhbhraich na h-Achdan Dì-armachaidh a sparr an Riaghaltas air a’ Ghàidhealtachd duilgheadasan mòra dha na dròbhairean. Am measg nan riaghailtean a chuir bacadh air cruinneachaidhean, bha e toirmisgte bruidhinn (no seinn) sa Ghàidhlig, a’ phìob mhòr a chluich no airm a ghiùlain. Dha na dròbhairean a’ siubhal tro cheàrnaidhean cunnartach –le MacGriogair air cùl gach cnuic- bha seo ro chunnartach is mar sin chaidh ìmpidh a chur air an Riaghaltas an Achd a chur an dara taobh fhad ‘s a bha na dròbhan is na dàilean a’ dol, air sgàth an eaconamaidh. Agus b’ ann bhon fhois seo a thàinig ath-nuadhachadh nan cuirmean ceòlmhor a bha, ‘s dòcha, nan toiseach tòiseachaidh dhan Mhòd. Chan eil teagamh nach biodh na dròbhairean a’ dèanamh subhachas le fonn, òran is drama no dhà an dèidh an tursan fada soirbheachail. Gu dearbh, ann an 1781 air 11 Dàmhair aig làrach ùr na dàile faisg air Roughcastle chaidh farpais mhòr phìobaireachd a chur air dòigh le Comunn Gàidhealach Lunnainn a’ tabhann dhuaisean. Chluich trì pìobairean deug ann an seann Loidse nan Saor Chlachairean ann an Silver Row an dèidh an toiseach èisteachd ri bàrdachd ùr Ghàidhlig ga h-aithris le seann bhàrd. Thagh na breitheamhan Pàdraig MacGriogair, pìobaire Eanraig Balnaves à Ardradour a bhuannaich, mar a chaidh a ràdh, “a set of new pipes worth five guineas and forty merks of money.” Chaidh na duaisean a thoirt seachad dà latha an dèidh sin air talamh dàile an dèidh caismeachd bhon bhaile. Lean an fharpais seo san dà bhliadhna an dèidh seo agus mun àm sin bha Achdan an Dì-armachaidh air an cur à bith agus ann an 1748 chaidh an tachartas a ghluasad a Dhùn Èideann.
An uair sin ann an 1783 ghabh nì ‘inntinneach’ àite a rèir aon neach-aithris.
An dèidh èisteachd ri Macan T’ ag aithris a bhàrdachd bhliadhnail Ghàidhlig, a’ moladh ceòl gaisgeanta is gaisgeachd nan Caledonians, chaidh buannaichean cho-fharpaisean nan trì bliadhna roimhe còmhla gu Cladh Paraiste Na h-Eaglaise Brice agus an sin “mhèarrs iad trì tursan timcheall uaighean nan curaidh neo-bhàsmhor, Sir Iain Stiùbhart, Sir Iain de Greumach agus Sir Raibeart Rothach, a’ cluich Tuireadh chliùiteach Mhic Criumein ann an co-sheirm air na pìoban a bhuannaich iad.”
Lean na Gàidheil a’ tighinn gu dàil na h-Eaglaise Brice airson ceud bliadhna eile. Suidhichte ann an 1785 air a làraich eòlach ann an Stenhousemuir, dh’fhàs e ann am meud is cudromachd gus an tàinig àm na bu shìtheile, an rèile agus gnè chruidh nach b’ urrainn 200 mìle a choiseachd agus dh’atharraich sin an dòigh san robhar a’ dèanamh na malairt. Mun deichead mu dheireadh den 19mh linn bha e air falbh agus cha robh air fhàgail ach an fhèill spòrsail bhliadhnail gus na cruinneachaidhean iongantach sin agus an dòigh san robh dà chultar a’ tighinn ri chèile sna bliadhnaichean fad às sin, a chur an cuimhne dhaoine.
Iain Scott, Cèitean 2007
Tartan na h-Eaglaise Brice
Ann an 1934 lorg fir-obrach cnap de faisg air 2000 bonn airgid Ròmanach air an làraich far a bheil bùth Tesco an-diugh. Fhuairear na buinn ann an soitheach crèadha, còmhla ri pìos aodaich.