Home | About | Links | Contact Us   English | Gaelic
             
Events Venues News FUNDRAISING MERCHANDISE Local Attractions Accommodation
 
 

Fàilte gu làrach-lìn Mòd na h-Eaglaise Brice

Tha Comhairle na h-Eaglaise Brice agus Meur ionadail a’ Chomuinn Ghàidhealaich san Eaglais Bhric an-dràsta a’ co-òrdanachadh eagrachadh Mòd 2008 na h-Eaglaise Brice.

“THA AM MÒD A’ TIGHINN DHACHAIGH”

 

Do chuid ‘s e sluagh-ghairm àraid a tha seo seach nach robh am Mòd a-riamh roimhe san Eaglais Bhric. Ach tha an abairt ag èirigh às na Coinneamhan no na Dàilean bliadhnail a bhathas a’ cumail san Eaglais Bhric thar nan linntean nuair a bhiodh dròbhairean is luchd-malairt chrodh bho air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean a’ tighinn còmhla sa bhaile airson an stoc a cheannach is a reic. Mar sin, Tha am Mòd a’ Tighinn Dhachaigh, seach gur ann san Eaglais Bhric a thòisich am beachd mu Chruinneachadh Gàidhealach.

Bidh luchd-tadhail mu thràth a’ cruinneachadh sa sgìre airson faicinn Cuibhle na h-Eaglaise Brice, an t-àrdaichear-bhàtaichean comharraichte gluasadach a tha air lìonradh chanàl na h-Alba a thoirt air ais.

Tha nithean eile as fhiach fhaicinn a’ toirt a-steach Taigh Chalasraid, aitreabh is taigh-tasgaidh suidhichte ann am pàirc mhìorbhaileach, Balla Antonine, Anann an Dùn Mhòir, Caisteal Blackness, Rathad-iarainn Bo’ness & Cheann an Fhàil agus “Big in Falkirk”, Fèis Ealain Nàiseanta Sràide na h-Alba.

Tha meadhan baile beòthail is tarraingeach san Eaglais Bhric le cuid de na bùithtean is an fhèisteas as fheàrr a-mach bho phrìomh bhailtean na h-Alba. Tha an deagh thaghadh de stòran beaga air na 26 sràidean reic timcheall a’ bhaile a’ cur ris a’ mheasgachadh de stòran nàiseanta sna ionadan-reic air an t-Sràid Àrd is anns a’ Mhall is an Ceàrnag Chalasraid. An coimeas ri na marsantan nàiseanta a th’ air an t-Sràid Àrd, tha na sràidean a tha a’ falbh bhon t-Sràid Àrd làn de ghnìomhachasan neo-eisimeileach, a’ tabhann rudan a tha caran sònraichte. Ma tha thu airson eòlas ceannachd air leth fhaighinn, thig còmhla ri na mìltean a tha a’ ceannach san Eaglais Bhric gach bliadhna. Bheir càileachd na seirbheis is iomadachd a’ bhathair a tha ri fhaighinn brosnachadh dhut, rud a th’ air cliù a thoirt dhan Eaglais Bhric mar aon de na h-àiteachan malairt as fheàrr ann an Alba. Chaidh an Eaglais Bhreac ainmeachadh o chionn ghoirid mar “Am Baile Malairteach as fheàrr ann an Alba.”

‘S e deagh àite a th’ ann an sgìre na h-Eaglaise Brice airson a dhol a-mach air an oidhche. Tha deagh thaghadh de phubaichean, bhàraichean is chlubaichean-oidhche ann le ‘Cineworld multiplex cinema’ dìreach ann am meadhan a’ bhaile.

Chan eil trioblaid sam bith ann ithe a-muigh nas mò. Chan eil gainnead deagh àiteachan-bidhe san Eaglais Bhric no mu thimcheall bho lòn ann an taigh-seinnse ri taobh a’ chanàil gu biadh spaideil ann an sàr thaigh-bidhe no thaigh-òsta, bho cofaidh maidne gu oidhche a-muigh.  Cha toir am biadh briseadh dùildhut, bho biadh traidiseanta Albannach, Frangach, Spàinnteach, Ameireaganach, Thai, Innseanach, Sìneach, Greugach, Danmhairgeach gu biadh Meagsaganach is eile.

Tha deagh cheanglaichean-rèile aig an Eaglais Bhreac cuideachd gu Dùn Èideann, Glaschu is Sruighlea, uile ann am 25 mionaidean.

Help Support the Mod 2008. Make a donation using the Donate Button.

Loch Lomond  

                               Fàilte bhlàth Ghàidhealach aig cridhe Meadhan na h-Alba.

 

Main Supporter / Priomh Buidheann Taic:

Caledonian MacBrayne

Major Sponsors:

 

Local Sponsors:

 

 


 
Listen to traditional Scottish music.
 
 
 
Events
 
BUANNAICH ‘HONDA JAZZ’

big in falkirk
Tha Mòd 2008 a’ reic tiocaidean-gill airson cothrom Honda Jazz 1.2S bho Phoenix Honda ann an Inbhir Ghrainnse a bhuannachadh. Tuilleadh fiosrachaidh air duilleag nan Tachartasan againn.
 
Latest News
 

Mòd 2008 a’ cur coiseachd urrasaichte air bhog airson maoineachadh.

2008 MOD
Coisichidh eagraichean Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa 104 mìle gus cuideachadh le airgead a thogail dha fèis ealain is cultar na Gàidhlig. ...leugh tuilleadh
.... read more
© Copyright Falkirk MOD. All Rights Reserved. Site by FDS