LÀRACH-LÌN ÙR BHO BBC ALBA: bbc.co.uk/oran
LÀRACH-LÌN ÙR BHO BBC ALBA: www.bbc.co.uk/oran 
Tha BBC Gàidhlig air leth toilichte a bhith a’ foillseachadh làrach-lìn ùr a tha cur taic ris a’ phroiseact ioma-fhìllte, Bliadhna nan Òran. Tro 2010, bidh an làrach a’ cur ris na prògraman a th’ air an craoladh air BBC Radio nan Gaidheal agus air BBC ALBA agus a’ toirt an cothrom do dhaoine coimhead agus èisteachd ri taghadh de na h-òrain as fheàrr a tha rin lorg ann an tasglann Ghàidhlig a’ BhBC. Air www.bbc.co.uk./oran gheibhear an cothrom fiosrachadh a’ lorg gu sgiobalta agus gu sìmplidh tro cheithir prìomh earrainnean: Òrain, Sgrìobhaichean, Cusapirean agus Seinneadairean. A thuilleadh air iad sin, tha fiosrachadh ann mu phrògraman agus taghadh à Tasglann a’ Mhòid far an cluinnear clàraidhean bho na bliadhnaichean eadar 1946 agus 1979. Tha an làrach a’ taisbeanadh am beartas de dh’òrain Ghàidhlig a th’ ann an tasglann a’ BhBC le taghadh on a h-uile ceàrnaidh de dh’Alba: bho cuid de na clàraidhean fuaim is bhidio as sean gu cuid a chaidh a chlàradh a dh’aona-ghnothaich gus Bliadhna nan Òran a chomharrachadh le fiosrachadh mun coinneamh. An-diugh air www.bbc.co.uk./oran tha cothrom ann èisteachd ri 440 òran cuide ri nam faclan, 140 criomag bho phrògraman rèidio agus còrr is 190 criomag bhidio bho phrògraman telebhisean leithid ‘Se Ur Beatha agus Aig Cridhe ar Ciùil. Tha cunntais-beatha ann mu choinneamh 250 seinneadair agus sgrìobhaiche. Gheibhear ceangal gu Òran an Là a th’ air a bhith air leth soirbheachail air BBC Radio nan Gaidheal tron làraich cuideachd. Bidh na prògraman slàn rim faotainn cuide ri teacsa ann an cruth a tha facal air an fhacal – goireas a bhios tarraingeach agus a bheir taic do luchd-ionnsachaidh a’ chànain. Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceann Seirbhis BBC ALBA, “S e pròiseact air leth cudromach a tha seo dhan BhBC agus tha sinn an dòchas gun cur an luchd-amharc ‘s an luchd-èisteachd taic ri Bliadhna nan Òran air BBC Radio nan Gaidheal agus air BBC ALBA agus gun tig iad chun na làraich-sa tro 2010 gus cothrom fhaighinn èisteachd ri co-dhiù cuid de na h-òrain mhìorbhaileach a tha gu mòr nam pàirt de chultar na Gàidhlig. Tha prògraman air-leth sna clàraidhean-craolaidh againn agus anns an tasglann, agus bidh cuid dhiubh sin a-nise rim faotainn air an làrach-lìn ùr seo agus tha sinn an dòchas cumail oirnn a’ cur ris an làraich gus an tuilleadh chothroman a thoirt do dhaoine èisteachd agus coimhead ri tuilleadh de na clàraidhean prìseil a th’ ann an tasglann Ghàidhlig a’ BhBC.” Bithear a’ cur chlàraidhean ùra agus an tuilleadh fiosrachaidh ris an làraich-sa gach seachdain tro 2010.
NEW GAELIC SONG WEBSITE: www.bbc.co.uk/oran
BBC Gàidhlig is delighted to announce the launch of an extensive new website to support the landmark project, Bliadhna nan Òran / Year of Gaelic Song. As well as supporting radio and television content broadcast throughout 2010 on BBC Radio nan Gaidheal and on BBC ALBA, the website also offers a unique opportunity to listen to and view some of the best songs selected from the BBC’s extensive Gaelic song archive. www.bbc.co.uk/oran allows users to access content quickly and simply by means of 4 key sections: Songs, Writers, Themes and Singers. This is complemented by a programming section, and a Mod archive allowing unique access to highlights from the BBC’s extensive archive of Gaelic Mod recordings from the years between 1946 and 1979. The site reflects the riches of the BBC's archive of Gaelic song, offering content from across Scotland: from the earliest audio and video recordings to the present day, providing a diverse range of songs with supporting contextual information. www.bbc.co.uk/oran currently offers the opportunity to listen to 440 songs with supporting lyrics, 140 excerpts from radio programmes and over 190 videos from television series including the classic ‘Se Ur Beatha and the award winning Aig Cridhe ar Ciùil. Biographical information is also available for approximately 250 singers and writers. BBC Radio nan Gàidheal’s popular Òran an Là is also available on the site with the audio of each day’s programme and accompanying verbatim transcripts which, as well as being of interest to Gaelic speakers, will support learners of the language with unique, new and accessible content delivered on a daily basis. Margaret Mary Murray, Head of Service for BBC ALBA, said: “This is a hugely exciting project for the BBC and we hope that throughout 2010 audiences will tune in to BBC Radio nan Gàidheal, watch BBC ALBA and log-on to www.bbc.co.uk/oran in order to sample some of the fabulous songs which are such a richly valued and integral part of our Gaelic culture. There are some real gems within the daily schedules and even more on the website which we hope will grow over time, enabling our audiences to sample and enjoy as many Gaelic songs as we are able to deliver from our archives.” New content will be added to the site on a weekly basis until the end of 2010. NEW GAELIC SONG WEBSITE: www.bbc.co.uk/oran
|